A Gaelic Summer for Glaschu at Festival 2018

A Gaelic Summer for Glaschu at Festival 2018

A song trail following the story of Gaelic in Glasgow, a day of Shinty-themed events including a special Ceilidh on Glasgow Green, and a celebration of Gaelic poetry held in Queen’s Park are among the highlights of a diverse programme of Gaelic Arts being presented this August as part of Festival 2018 – the dynamic cultural programme for the Glasgow 2018 European Championships.

The programme is also taking place as part of Glaschu, an ongoing three year project that aims to highlight, share and explore the cultural, linguistic, historical and contemporary connections that Gaelic has with the city through events and a portal: glaschu.net.

On Saturday 11 August, a unique city trail beginning at Central Station at 2pm will share stories of Gaelic Glasgow through songs, performance, poetry and folklore. Join artists including Mary Ann Kennedy and Alasdair Whyte on the Glaschu Gaelic Song Trail for a walk that will explore this fascinating aspect of our city.

Sunday 5 August is The Big Day of Shinty. Intrinsically linked to Gaelic Culture folklore, Shinty is fast, frantic, skilful, and provides lots of goals, giving an unrivalled spectator experience – a must see for any sports enthusiast.

At Greenfield Playing Fields from 11am there is Come and Try Shinty, which is open to all. From 12.30pm see top teams from across Scotland battle it out for a unique one-off cup to celebrate Festival 2018.

While at Glasgow Green there will be Shinty demonstrations with kicks and flicks from 1pm and a Shinty Ceilidh starting at 5.30pm. This traditional style Ceilidh with Gaelic songs stars Mary Ann Kennedy, Gillebride MacMillan and Friends.

The Shinty demonstrations and Ceilidh are part of GO LIVE! at the Green. Glasgow Green will be a city hotspot during the Glasgow 2018 European Championships, bringing together sport, culture and entertainment to provide a daily programme of free to attend activities.

Queen’s Park Poetry Garden is the setting for an outdoor event on Friday 3 August beginning at 4.30pm. Presented by the Gaelic Books Council ..ach iadsan a bha ‘n Glaschu / .. but they who were in Glasgow is a celebration of three Gaelic poets, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and Somhairle MacGill-Eain, and marks the 50th anniversary of the Gaelic Books Council, through songs, words and music.

Ag ainmeachadh na Craoibhe/ Naming the Tree on Friday 3 August at 6.30pm will feature Gaelic song, poetry and a naming ceremony centered on the Hidden Garden’s Ginko Tree.

George Square on Saturday 4 August from 4.30pm will be the place to be for a Mass Gaelic Ceilidh. With Gaelic song and cracking music from the acclaimed Glenfinnan Ceilidh Band, a good time is guaranteed.

Councillor David McDonald, Chair of Glasgow Life and Deputy Leader of Glasgow City Council, said: “The rich traditions and vibrant contemporary culture of Gaelic will be presented in this fantastic programme, when the incredible mix of Festival 2018 and the Glasgow 2018 European Championships will make Glasgow the place to be.

“We can share in the music, poetry and stories of the Gaels, learn how Gaelic has helped shape our home, and enjoy a sport that is especially popular with Gaelic speakers in a diverse range of events that can be enjoyed by everyone.”

To find out more visit: glaschu.net and festival2018glasgow.com

Ends


Listings

..ach iadsan a bha ‘n Glaschu / .. but they who were in Glasgow

3 August 2018

4.30pm – 6.00pm

£4.78

Queen’s Park Poetry Garden

G42 8DA


Ag ainmeachadh na Craoibhe/ Naming the Tree

3 August 2018

6:30pm – 8.00pm

£3.73

Hidden Gardens

Tramway

25 Albert Drive

Glasgow

G41 2PE


Mass Gaelic Ceilidh

4 August

4.30pm – 6.00pm

Free

George Square
Glasgow
G2 1DU


Come and Try Shinty

5 August

11.00pm – 12.30pm

Free

Greenfield Playing Fields

127 Duror St, Glasgow

G32 6TP


Shinty Matches

5 August

12.30pm – 3.00pm

Free

Greenfield Playing Fields

127 Duror St, Glasgow

G32 6TP


Shinty demonstration

5 August

1.00pm – 3.00pm

Free

GO LIVE! at the Green

Greendyke Street
Glasgow
G1 5DB


Shinty Ceilidh

5 August

5.30pm – 6.45pm

Free

GO LIVE! at the Green

Greendyke Street
Glasgow
G1 5DB


Glaschu Gaelic Song Trail

11 August

2.00pm – 4.00pm

£13.20

Meet at Central Station

As it is a walking tour, patrons should wear suitable footwear and be prepared for the weather of the day. The event will take up to 2 hours and will include stoppages and rests, with refreshments along the way.


Samhradh Gàidhlig dha Glaschu aig Fèis 2018

Tha slighe de dh’òrain a’ leantainn sgeulachd na Gàidhlig ann an Glaschu, latha de thachartasan co-cheangailte ri Camanachd a’ gabhail a-steach Cèilidh sònraichte air Glasach Ghlaschu, agus comharrachadh air bàrdachd Ghàidhlig ann am Pàirc na Banrighinn, am measg nan nithean as tarraingiche ann am program eadar-mheasgte de Ealain Ghàidhlig a bhithear a’ taisbeanadh san Lùnastal mar phàirt de Fhèis 2018 – am program daineamach cultarach airson Mòr-Fharpaisean Eòrpach Ghlaschu 2018.

Bidh am program a’ gabhail àite mar phàirt de Glaschu, pròiseact leantainneach trì-bliadhna a tha ag amas air na ceanglaichean cultarach, cànanach, eachdraidheil is co-aimsireil a thogail, a roinn agus a rannsachadh a tha aig Gàidhlig leis a’ bhaile, tro thachartasan agus tron phortal: glaschu.net.

Air Disathairne 11 Lùnastal, bidh cuairt baile gun choimeas a’ tòiseachadh aig Stèisean a’ Mheadhain aig 2f a’ roinn sgeulachdan mu Ghlaschu Gàidhlig tro òrain, gnìomhadh, bàrdachd agus beul-aithris. Thigibh còmhla ri luchd-ealain, a’ gabhail a-steach Màiri Anna NicUalraig agus Alasdair Whyte air Slighe Òrain Ghlaschu Gàidhlig airson cuairt a bhios a’ rannsachadh an taoibh iongantaich seo de ar baile-mòr.

Bidh Latha Mòr na Camanachd a’ gabhail àite air Didòmhnaich 5 Lùnastal. Mar phàirt de bheul-aithris cultar na Gàidhlig, tha camanachd luath, dàsanach, sgileil agus a’ solarachadh mòran tadhalan, a’ toirt tlachd gun choimeas do luchd-amhairc – nì a tha deatamach do neach-taic spòrs sam bith.

Aig Raointean Cluiche Greenfield bho 11m bidh Thig agus Feuch air Camanachd, a bhios fosgailte do na h-uile. Bho 12.30f chì sibh na sgiobaidhean as àirde air feadh Alba a’ strì ri cupa sònraichte a bhuannachadh airson Fèis 2018 a chomharrachadh..

Aig Glasach Ghlaschu bidh taisbeanaidhean camanachd le breaban is tilgeilean bho 1f agus Cèilidh na Camanachd a’ tòiseachadh aig 5.30f. Am measg nan seinneadair aig a’ chèilidh thraidiseanta seo bidh Màiri Anna NicUalraig, Gillebrìde Mac Ille Mhaoil agus an Caraidean a’ seinn òrain Ghàidhlig.

Tha na taisbeanaidhean Camanachd agus an Cèilidh mar phàirt de GO LIVE! at the Green. Bidh Glasach Ghlaschu na phrìomh phàirt den bhaile aig àm Mòr-Fharpaisean Eòrpach Ghlaschu 2018, a’ toirt spòrs, cultar is fèisteas còmhla gus program làitheil de ghnìomhachdan an-asgaidh a thoirt seachad do gach neach.

Is e Gàrradh Bàrdachd Pàirc na Banrighinn an suidheachadh airson tachartas air a’ bhlàr a-muigh air Dihaoine 3 Lùnastal a’ tòiseachadh aig 4.30f. Air a thaisbeanadh le Comhairle nan Leabhraichean tha … ach iadsan a bha an Glaschu / … but they who were in Glasgow na chomharrachadh air triùir bhàird Ghàidhlig – Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Somhairle MacGill-Eain, agus na chomharrachadh cuideachd air an 50mh ceann-bliadhna de Chomhairle nan Leabhraichean, tro òrain, briathran agus ceòl.

Ann an Ag Ainmeachadh na Craoibhe / Naming the Tree air Dihaoine 3 Lùnastal aig 6.30f, bidh òrain is bàrdachd Ghàidhlig agus seirbheis ainmeachaidh cuimsichte air Craobh Ginko a’ Ghàrraidh Fhalaichte.

Is e Ceàrnag Sheòrais air Disathairne 4 Lùnastal bho 4.30f an t-àite a bhith airson Cèilidh Mòr na Gàidhlig. Le òrain Ghàidhlig agus ceòl gun choimeas bho Chomhlan-ciùil ainmeil Ghleann Fhionnain, tha tlachd is fealla-dhà gu leòr barantaichte.

Thuirt an Comhairliche Daibhidh Dòmhnallach, Cathraiche Ghlaschu Beò agus Iar-Cheannard Comhairle Baile Ghlaschu: “Bidh na traidiseanan saidhbhir agus cultar co-aimsireil beòthail na Gàidhlig air an riochdachadh sa phrògram mhìorbhaileach seo, nuair a bhios am measgachadh iongantach eadar Fèis 2018 agus Mòr-Fharpaisean Eòrpach Ghlaschu 2018 a’ dèanamh Ghlaschu mar an t-àite a bu chòir a bhith ann.

“Faodaidh sinn pàirt a ghabhail ann an ceòl, bàrdachd agus sgeulachdan nan Gàidheal, ionnsachadh mar a tha Gàidhlig air cuideachadh le ar beatha a chumadh, agus tlachd a ghabhail à spòrs a tha gu h-àraid air a mheas am measg luchd-labhairt na Gàidhlig, air a thaisbeanadhg ann an raon eadar-mheasgte de thachartasan a chòrdas ri gach neach.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air: glaschu.net agus festival2018glasgow.com

Deireadh


Liostaichean

… ach iadsan a bha an Glaschu / … but they who were in Glasgow

3 Lùnastal 2018

4.30f – 6.00f

£4.78

Gàrradh Bàrdachd Pàirc na Banrighinn

G42 8DA


Ag ainmeachadh na Craoibhe / Naming the Tree

3 Lùnastal 2018

6:30f – 8.00f

£3.73

Na Gàrraidhean Falaichte

Tramway

25 Slighe Albert

Glaschu

G41 2PE


Cèilidh Mòr na Gàidhlig

4 Lùnastal

4.30f – 6.00f

An-asgaidh

Ceàrnag Sheòrais
Glaschu
G2 1DU


Thig agus Feuch air Camanachd / Come and Try Shinty

5 Lùnastal

11.00m – 12.30f

An-asgaidh

Raointean Cluiche Greenfield

127 Sràid Duror

Glaschu

G32 6TP


Geamannan Camanachd / Shinty Matches

5 Lùnastal

12.30f – 3.00f

An-asgaidh

Raointean Cluiche Greenfield

127 Sràid Duror

Glaschu

G32 6TP


Taisbeanadh air Camanachd / Shinty demonstration

5 Lùnastal

1.00f – 3.00f

An-asgaidh

GO LIVE! at the Green

Sràid Greendyke
Glaschu
G1 5DB


Cèilidh na Camanachd / Shinty Ceilidh

5 Lùnastal

5.30f – 6.45f

An-asgaidh

GO LIVE! at the Green

Sràid Greendyke
Glaschu
G1 5DB


Slighe Òrain Ghàidhlig Ghlaschu / Glaschu Gaelic Song Trail

11 Lùnastal

2.00f – 4.00f

£13.20

Coinneachadh aig Stèisean a’ Mheadhain.

On is e cuairt coiseachd a th’ ann, bu chòir do chom-pàirtichean brògan freagarrach a chaitheamh agus a bhith deiseil airson na h-aimsire air an latha. Mairidh an tachartas suas ri 2 uair a thìde a’ gabhail a-steach amannan stad is fois, le deochan air an t-slighe.

My Account